Prògram de dh'fhosglaidhean/ath-fhosglaidhean reile

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh tòrr an-dràsta gus rathaidean-iarainn a dhì-charbonachadh ach tha an t-àm ann a bhith a' cur ri sin le prògram leantainneach ('rolling programme') de rathaidean-iarainn ùra is ath-fhosgailte. 

Bu chòir na loidhnichean a leanas a bhith air a' phrògram, mar eisimpleir:

- Loidhne Chill Rìmhinn

- South Sub Dhùn Èideann

- Slighe a' Waverley bho Bhruach Thuaidh- Carlisle

- Obar Dheathain- Eilean (Ellon) - Ceann Phàdraig / Baile nam Frisealach

- Crois-rèile 

- Almhagh-Dùn Phàrlain

- An Eaglais Bhreac - Inbhir Ghrèinnse

- Ceangal rèile gu Port Adhair Ghlaschu

- Siostam thramaichean do Ghlaschu

 

Why the contribution is important

- Tha prògram leantainneach de rathaidean-iarainn ùra/ath-fhosgailte cudromach gus còmhdhail phoblach a bhrosnachadh agus gus sgaoilidhean carboin a lùghdachadh. 

- Tha e cudromach gum bi lìonra rèile ann a tha a' ceangail na dùthcha ri chèile agus a' brosnachadh gluasad bho chàraichean gu còmhdhail phoblach.

- Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil rathaidean-iarainn nas èifeachdaiche gus gluasad a bhrosnachadh bho chàraichean gu còmhdhail phoblach na busaichean.

- Tha àiteachan ann an Alba far nach eil deagh cheanglaichean ann le còmhdhail phoblach - m.e Ear-thuath na h-Alba agus Glaschu/taobh an iar na h-Alba - Fìobh, na Crìochan gu Carlisle agus cha ghabh na beàrnan seo a lìonadh ach le rèile. 

Aig an àm seo, tha iomairtean gus rathaidean-iarainn ath-fhosgladh a' toirt bhliadhnaichean mòra is obair ro-mhòr. Tha aig coimhearsnachdan, buidhnean iomairt is Comhairlean ri iomairtean fada duilich a dhèanamh mus bi adhartas sam bith ann. An àite seo, bu chòir prògram a bhith ann aig an ìre nàiseanta far am bi an Riaghaltas a' gabhail an uallaich os làimh airson a bhith a' brosnachadh is a' planadh rathaidean-iarainn ùra agus bu chòir prògram leantainneach ('rolling programme') a bhith ann.

Tha an riaghaltas ag amas air mu 125 mìle a de rathaidean-iarainn a dhealanachadh gach bliadhna. Bu chòir targaid a bhith ann airson mìltean de rathaidean-iarainn a thèid fhosgladh gach bliadhna, can 10 mìle gach bliadhna.

by AlasdairMacCaluim on October 20, 2020 at 10:42PM

Current Rating

Average rating: 4.4
Based on: 5 votes

Comments

  • Posted by cmm198 October 21, 2020 at 09:19

    Fìor dheagh bheachd.
  • Posted by oilrig October 22, 2020 at 10:12

    Fìor dheagh bheachd. Tha siubhal bho iar gu sear le còmhdhail pobach cho doirbh agus a' toirt ùine cho fada, gu h-àraid a' tighinn bhon Ghàidhealtachd. Nam faighinnsa mo mhiann bhiodh an rèile eadar An Gearastan agus Cille Chuimein air ath-fhosgladh agus a leasachadh cuideachd!
  • Posted by TMacAilpein October 22, 2020 at 15:18

    Bheireadh na tha seo de dh’fhosglaidhean/ath-fhosglaidhean rèile fìor dheagh bhuaidh air beatha dhaoine agus an àrainneachd. Smaoinich air siostam ùr thramaichean ann an Glaschu!
  • Posted by kenwardrop October 22, 2020 at 16:30

    Chan eil mi cinnteach am bi feum air ceangal reile ri Port-Adhar Ghlaschu. Cha bu chòir dhuinn, siubhal air itealan a bhrosnachadh! Ach rachadh mi leis, nam biodh an slighe-reile a' dol taobh ospadal "Southern General", Braehead agus Rinnfriù.
    A-rèir iomradh "Connectivity ann an Glaschu", bidh cruaidh-fheum air crois-reile ùr fo Abhainn Chluaidh, oir bidh na Steiseanan Sraid na Ban-righinn agus Glaschu Meadhanach a' fàs loma-làn as-dèidh ùine nach bi ro fhada.
Log in or register to add comments and rate ideas